Làraidh glacte fo dhrochaid rèile

Làraidh glacte fon drochaid Image copyright Peter Maclean

Chaidh làraidh a bha ro àrd a ghlacadh fo dhrochaid rèile ann an Inbhir Nis Diciadain.

Thuirt Network Rail gu bheil luchd-einnsinnìridh aca a' cumail sùil air cùisean fhad 's a thèid an làraidh a thoirt air falbh.

Thuirt iad nach tàinig orra an loidhne a dhùnadh, agus gu bheil trèanaichean air a bhith a' dol tarsainn na drochaid, a tha a' dol thar Sràid a' Chladaich, nas slaodaiche.

Tha maill air a bhith air seirbheisean a' dol eadar Inbhir Nis agus Peairt cuideachd, an dèidh do rèile briseadh aig Braonnain, faisg air Dùn Chailleann.

Chaidh seirbheis bhus a chur an àite nan trèanaichean eadar Peairt agus Baile a' Chloichridh Dimàirt.

Dh'fhaodadh gun lean obair-càraidh an sin gu Dihaoine, le buaidh ga toirt air clàran-ama.

Tha Scotrail cuideachd air rabhadh a thoirt gun tèid buaidh a thoirt air seirbheisean air an loidhne sin an ath-mhìos.

Bidh Network Rail a' dèanamh obair-leasachaidh air an loidhne gach Didòmhnaich san t-Samhain, le busaichean a' ruith an àite thrèanaichean eadar Peairt agus Inbhir Nis.