Rabhadh ionmhais bho Chomhairle na Gàidhealtachd

Soidhne, Comhairle na Gàidhealtachd Image copyright bbc

Thug Comhairle na Gàidhealtachd rabhadh seachad gu bheil an stòras airgid aca aig an ìre as ìsle bho chionn bhliadhnaichean, agus gu bheil gearraidhean mòra air fàire.

Tha a' Chomhairle a' sùileachadh gum bi beàrn de £66.7m anns a' bhuidseat aca thairis air an ath-thrì bliadhna, ged nach bi dearbhadh cinnteach aca air sin gus an cluinn iad dè am maoineachadh a gheibh iad bho Riaghaltas na h-Alba.

Tha an t-ùghdarras a' coimhead a-nis air mar a ghabhas airgead a shàbhaladh.

Co-chomhairle

Thuirt Ceannard a' Bhuidseit, an Comh. Alasdair MacFhionghain, gum bi iad a' bruidhinn ri luchd-obrach na Comhairle airson na beachdan aca-san fhaighinn.

"Feumaidh sinn bruidhinn ris an fheadhainn a tha ag obair aig a' Chomhairle - 's iad a tha ag obair gach là a' toirt seachad nan seirbheisean - agus feumaidh sinn faicinn dè bu chòir dhuinn a bhith a' dèanamh airson na seirbheisean a thoirt seachad," thuirt e.

"Feumaidh sinn mar Chomhairle, mar a thuirt mi iomadach uair, a bhith a' coimhead air seirbheisean a thoirt seachad ann an dòigh nach eil a' cosg cho mòr."

Thèid cuideachd beachdan iarraidh bho mhuinntir na Gàidhealtachd.

"Feumaidh sinn a bhith a' bruidhinn ris an luchd-obrach againn agus an sluagh air fad gus a bhith mar a chanas iad "inclusive" agus gus am faic sinn mar a dhèiligeas sinn ris na duilgheadasan a th' againn air a' Ghàidhealtachd," thuirt e.

Thuirt an Comh. MacFhionghain cuideachd gun cùm iad rin gealltanas nach tèid daoine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.

"Thuirt sinn, ma tha obraichean ann nach eil feum againn air, tha gu bhith 9,000 luchd-obrach aig a' Chomhairle, 's nì sinn ar dìcheall obair eile fhaighinn dhaibh anns a' Chomhairle," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile