Leabhar ùr mu chall na h-Iolaire ga fhoillseachadh
- Published
Thèid leabhar ùr mu chall na h-Iolaire, "The Darkest Dawn", fhoillseachadh ann an Steòrnabhagh Diardaoin.
Thug na h-ùghdarran, Calum Dòmhnallach agus Dòmhnall Iain MacLeòid nach maireann, 20 bliadhna ga dheasachadh.
'S e Acair a tha a' foillseachadh an leabhair, agus thuirt manaidsear na companaidh, Agnes Rennie, gu bheil an t-uabhas fiosrachaidh ann.
"Tha tòrr mòr fiosrachaidh anns an leabhar a tha seo - tha mi a' creidsinn gur e sin a tha ga dhèanamh diofraichte ann an iomadach dòigh bho na leabhraichean a tha sinn air fhaicinn mar-thà air an dearbh chuspair".
Tha an leabhar ag innse sgeulachd a h-uile duine a bh' air bòrd na h-Iolaire, a chaidh a chall air Là na Bliadhn' Ùire ann an 1919.
Tha seo am measg grunn thachartasan a tha a' gabhail àite am-bliadhna airson ceann-bliadhna na tubaiste a chomharrachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 5 An Dàmhair 2018