Iomairt an aghaidh phort-fànais an Dùthaich MhicAoidh

Published
image copyrightIan Shiell/Geograph
image captionTha dragh air cuid mun bhuaidh a bheireadh port-fànais air an àrainneachd agus air rathaidean anns an sgìre.

Chaidh buidheann-iomairt a stèidheachadh a chuireas an aghaidh phlanaichean airson port-fànais a stèidheachadh ann an Taobh Mhealanais an Dùthaich MhicAoidh.

Thagh Ùghdarras Fànais na Rìoghachd Aonaichte Oighreachd Chroitearachd Thaobh Mhealanais mar an làraich a b' fheàrr leotha airson an leasachaidh.

Ach tha cuid anns an sgìre draghail gun toireadh am port-fànais buaidh air an àrainneachd, rathaidean agus air còirichean chroitearan.

Cumaidh a' bhuidheann, Protect The Mhoine (PTM) coinneamh Diardaoin airson an iomairt aca a thoirt air adhart.

Aonta

Thuirt Roy Kirk, a tha a' stiùireadh a' phròiseict às leth Iomairt na Gàidhealtachd, gu bheil am pròiseact a' crochadh air aonta fhaighinn le Oighreachd Thaobh Mhealanais.

Thuirt e, ma thèid an leasachadh air adhart, gu bheil iad an dùil gun cruthaicheadh e obraichean agus gun cuireadh e ri seasmhachd na coimhearsnachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo