Iasgach neo-eisimeileach "deireadh 2020"

Iasgach

Tha Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gu ìre mhòir air a ràdh nach bi Breatainn ann am Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich às dèidh deireadh na Dùbhlachd 2020.

Tha dragh air a bhith sa ghniòmhachas gum biodh iad fhathast air an cuingealachadh le riaghailtean Eòrpach às dèidh do Bhreatainn an EU fhàgail.

Tha plana ann an-dràsta gum bi ùine eadar-amail ann - 21 mhìos - far am bi Breatainn gu ìre fhathast san EU ach a' stèidheachadh structairean agus siostaman ùra taobh a-muigh an aonaidh.

Gun aonta deireannach ann aig an ìre seo, thuirt Theresa May gum biodh i deònach an ùine eadar-amail sin a leudachadh airson dhà neo thrì mìosan nam biodh sin a dhìth - rud a chuir an caothach air luchd-taic Bhrexit.

Ann an agallamh leis a' BhBC thuirt Rùnaire na h-Alba, Dàibhidh Mundell, gum biodh Breatainn na stàit chladaich neo-eisimeilich ro na còmhraidhean iasgaich ann an 2020 - ge b' i dè eile a thachras.

Chuir Caidreachas Iasgaich na h-Alba fàilte air sin, 's iad ag ràdh gun robh an gnìomhachas gu mòr airson leithid de bhriathran a chluinntinn.