Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iomadh bliadhna ann bho bha iad ann an uimhir de dh'èiginn le ionmhas. Thàinig an rabhadh mus innis Rùnaire an Ionmhais air an ath-mhìos dè gheibh ùghdarras ionadail anns a' bhuidseat aige. Chuir Comhairle na Gàidhealtachd romhpa mar-thà luach £67m de shàbhalaidhean a dhèanamh air an ath-thrì bliadhna. Ach thuirt ceannard buidseat an ùghdarrais, an Comh. Alasdair MacFhionghain, gum faodadh an t-suim a bhith gu math nas motha na sin a rèir 's na gheibh iad bhon Riaghaltas.

Tynecastle

Thòisich poilis a' rannsachadh buaireadh aig dearbaidh bhuill-choise Dhùn Èideann aig Tynecastle an-raoir. Chaidh manaidsear Hibs, Niall Lennon, a bhualadh mun smiogaid le bonn airgid. Chaidh stuth a thilgeil air dithis leas-rèitire, agus thug fear den luchd-leantainn ionnsaigh air fear-glèidhidh Hearts. Thuirt Anne Budge, an tè-ghnothaich dham buin Hearts, gun cuir ise taic ri casg fad-beatha bho gheamaichean buill-choise air an fheadhainn a bu choireach.

Annie Wells BPA

Tha coltas ann gun tèid casg bhon Phàrlamaid Albannaich air a' bhall Tòraidheach Annie Wells. Fhuair Comataidh Inbhean Holyrood gun tug ball roinneil Ghlaschu fiosrachadh nach bu chòir dhi mu obair na Pàrlamaid do phàipear-naidheachd. Bidh a' Phàrlamaid làn a' bhòtadh a dh'aithghearr air a' mholadh gum biodh casg oirre.

Cunngaidhean Cainb

Tha cead bho an-diugh aig dotairean speisealta san Rìoghachd Aonaichte cunngaidhean anns a bheil cainb a thoirt seachad. Chaidh an t-atharrachadh anns an lagh ainmeachadh na bu tràithe am-bliadhna an dèidh iomairt mhòir às leth dithis chloinne air a bheil gnè fìor dhona den tinneas thuiteamach.

Tionnsgalachd

Thuit torradh roinn tionnsgalachd Bhreatainn dhan ìre as lugha ann an dà bhliadhna san Damhair. Chuir IHS Market, a' bhuidheann a chruinnich na figearan, coire air mì-chinnt mu Bhrexit, eas-aonta ann am malairt eadar dùthchannan, agus crìonadh ann an gnìomhachas nan càraichean. Tha iad ag ràdh gun do thuit òrdain obrach ùra agus ìre chosnaidh airson a' chiad uair bho bha referendum an EU ann.

Drochaid Earsgainn

Tha Drochaid Earsgainn fosgailte a-rithist an dèidh tubaiste anns a' mhadainn. Thuirt poilis gun robh còig carbadan anns an tubaist goirid ro 08:00m eadar na cinn-rathaid 30 agus 31 air an M8. Bha na seirbheisean èiginn an làthair ged nach deach duine a dhroch ghoirteachadh.