Rannsachadh ga iarraidh air buraidheachd

Dh'iarr àrd-dhotairean bho air feadh na Gàidhealtachd gun rachadh rannsachadh gu tur neo-eisimeileach a dhèanamh mun ghearan gu bheil cultar de bhuraidheachd aig NHS na Gàidhealtachd.

Chaidh sin iarraidh le còrr agus 100 neach-obrach clionaigeach a bha aig coinneimh oidhche Ardaoin.

Bha mu 120 neach-obrach clionaigeach aig a' choineimh ann an Inbhir Nis, le feadhainn eile a' dèanamh ceangail tro bhidio bho air feadh na sgìre.

Chaidh a' choinneamh iarraidh le stiùiriche meidigeach NHS na Gàidhealtachd, an Dtr Rod Harvey airson casaidean mu chultar de bhuraidheachd taobh a-staigh na buidhne a dheasbad.

Às dèidh an deasbaid dh'aontaich 90% de na bha an làthair gum bu chòir do rannsachadh gu tur neo-eisimeileach a bhith air a dhèanamh mun chùis.

Thuirt an Dotair Iain Ceannadach - fear den fheadhainn a thog na casaidean sa chiad àite - gun cualar cunntasan de dh'fhìor dhroch bhuraidheachd aig a' choinneimh.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd roimhe gun robh iad a' gabhail fìor chùraim ro ghearanan de bhuraidheachd ach thuirt iad nach robh iad air fianais fhaicinn a dhearbhadh gun robh cultar de bhuraicheachd sa bhuidhinn.