Dùil ri leasachadh aig Clach an Truiseil

  • Air fhoillseachadh
Clach an TruiseilTùs an deilbh, Oliver Dixon /Geograph
Fo-thiotal an deilbh,
'S i Clach an Truiseil, air taobh siar Leòdhais, an tursa as àirde ann an Alba.

Tha dùil gun tèid leasachadh a dhèanamh aig Clach an Truiseil air taobh siar Leòdhais.

'S i Clach an Truiseil an tursa as àirde ann an Alba aig mu 19 troigh a dh'airde.

Dh'iarradh Comhairle Coimhearsnachd Àiridh an Tuim frith-rathad a thogail chun na cloiche agus bòrd fiosrachaidh a chur faisg oirre.

Thèid an t-airgead a thèid a thogail le crannchar nan Eilean Siar air an Taobh Siar agus ann an Nis eadar seo agus deireadh na bliadhna a chur ris a' phròiseact.

Ainmeil

Thuirt cathraiche na comhairle coimhearsnachd, an t-Urr. Murchadh Mac a' Ghobhainn, gu bheil a' chlach gu math ainmeil san sgìre.

"Tha an dachaigh againne 's an lot againn fèir air taobh eile den abhainn bhuaipe, 's tha busaichean is tòrr luchd-turais a' tighinn a choimhead oirre.

"Agus bha sinn a' faireachdainn gum bu choir a sgioblachadh an àirde 's a dèanamh nas tarraingiche do dhaoine a bhith a' dol ann", thuirt e.

Am measg nam planaichean airson an làrach a leasachadh, thathar an dùil an talamh ullachadh gus am biodh e na b' fhasa coiseachd chun na cloiche.

Bòrd fiosrachaidh

Agus tha a' choimhairle coimhearsnachd cuideachd an dòchas bòrd fiosrachaidh a stèidheachadh aig an làraich airson eachdraidh na cloiche a mhìneachadh.

Tha seanchas san sgìre ag innse gu bheil a' chlach a' comharrachadh a' bhlàir mu dheireadh eadar Clann 'icAmhlaigh agus na Moireasdanaich.

Ach 's i a' chlach mu dheireadh a tha air fhàgail de chearcall cloiche a chaidh a thogail bho chionn 5000 bliadhna.