Mèirle an eaglaisean Ghallaibh
- Air fhoillseachadh
Tha meàrlaich air a bhith ag amas air eaglaisean ann an Gallaibh, a rèir nam poilis san sgìre.
Tha iad air comhairle mu thèarainteachd a thabhainn air eaglaisean agus air buidhnean agus companaidhean eile le togalaichean a bhios falamh aig amannan.
Thuirt Poileas Alba gu bheil eaglaisean ann an Gallaibh air a bhith nan targaidean do mheàrlaich sna seachdainean a dh'fhalbh.
Chaidh innse do na poilis mu 4 tachartasan nuair a chaidh briseadh a-steach a thogalach neo nuair a chaidh feuchainn ri briseadh a-steach.
Bha eaglaisean ann an Inbhir Theòrsa, Hàcraig agus Inbhir Ùige nam measg.
Sgrùdadh
Chaidh airgead a ghoid à Eaglais Pharaiste Pulteneytown ann an Inbhir Ùige.
Cuideachd, chaidh feuchainn ri briseadh a-steach do dh'Eaglais Naomh Fhearghais air àrd-shraid Inbhir Ùige.
Thuirt an t-Insp. Marlene NicDhòmhnaill bho Phoileas Alba gu bheil coltas ann gu bheil ceangal eadar na tachartasan seo.
Thuirt i cuideachd gun robh sgrùdadh fhathast a' dòl air adhart agus dh'iarr i air duine sam bith le fiosrachadh tighinn air adhart.