Oidhirp caladh Phort Rìgh a leasachadh

  • Air fhoillseachadh
Planaichean airson Caladh Phort Rìgh
Fo-thiotal an deilbh,
Bheireadh na planaichean leudachadh mòr air an goireasan a tha rim faighinn aig caladh Phòrt Rìgh.

Thèid oidhirp eile a dhèanamh air cidhe agus caladh Phort Rìgh a leasachadh.

Dh'fhoillsich Urras Coimhearsnachd Phort Rìgh 's a' Bhràighe planaichean airson caladh a' bhaile ath-leasachadh.

Tha barrachd ghoireasan do luchd turais agus slighe timcheall Meall na h-Acarsaid am measg na tha anns an amhairc aca.

Às dèidh iomairt ann an 2006 a bha ag amas air leasachadh a dhèanamh air caladh is cidhe Phort Rìgh - nach tàinig gu buil - tha an aon rud san amharc a-nis do dh'Urras Coimhearsnachd na sgìre.

Tha planaichean ann airson tòrr a bharrachd ghoireasan is ghnìomhachasan air a' chidhe, agus pontùin do bhàtaichean sa chaladh.

Bacadh

Thathar cuideachd ag amas air slighe a chur timcheall Meall na Àcarsaid bho Bhayfield air aon taobh agus a' tighinn a-mach air a' chidhe fhèin.

'S e as motha a tha a' cur bacadh air na planaichean aig an ìre seo ach an t-ionad ola a tha a' suidhe aig ceann a' chidhe.

Bha an làrach sin gu math freagarrach nuair a bha an ola a' tighinn a-steach air soithichean ach chan eil e cho math a-nise le làraidhean a' tighinn is a' falbh bhon chidhe suas leathad cas, cumhang.

A rèir an Urrais, tha aonta ann a-nis eadar iad fhèin, a' chompanaidh Certas aig a bheil an t-ionad ola, agus Comhairle na Gàidhealtachd.

Tha iad ag ràdh gu bheil an t-àm ann na tancaichean mòra air a' chidhe a thoirt air falbh, agus seo a' fosgladh chothroman mòra a thaobh a bhith a' toirt leasachaidhean air adhart.

Le planaichean air am foillseachadh agus taic, a-rèir coltais, am measg muinntir an àite, bidh e ri fhaicinn fhathast dè na h-ath-cheumannan a tha ri ghabhail gus seo a thoirt gu bith.