Tubaist rathaid an Leòdhas

Chaidh boireannach a thoirt dhan ospadal às dèidh tubaist rathaid ann an Leòdhas tràth Dihaoine.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn goirid ro 07.00 mun tubaist faisg air làrach fèill àiteachas nan Loch, ann an Lacasaigh.

Cha robh ach ann aon chàr san tubaist, Citreon Berlingo glas.

Thuirt na Poilis gun robh mothachadh aig a' bhoireannach nuair a dh'fhàg i làrach na tubaist.