Cead do phlanaichean an Tom Aitinn

Dreach de na planaichean
Image caption Dreach de phàirt dhen leasachadh.

Fhuair planaichean, luach nam milleanan, airson taigh-òsta agus bùitean anns an Tom Aitinnn ri taobh an A9 cead bho oifigearan dealbhachaidh.

Am measg na tha sna planaichean tha taigh-òsta le 97 seòmar-cadail, bùth thuathanais, agus àite-bìdh a ghabhas 200 duine.

Tha Companaidh Leasachaidh Thuim Aitinn, a tha air cùl nam planaichean, cuideachd airson àite-bìdh agus bèicearachd far an gabh biadh òrdachadh bhon chàr a thogail, a thuilleadh air stèisean connaidh agus àite far an gabh ceithir bùithtean a bhith air an cuir.

Chleachd taigh-òsta a bhith air an làraich, ach dhùin sin sna 1960n.

An dèidh sin chaidh taigh-bìdh Little Chef a thogail, ach chaidh sin a dhùnadh, agus a leagail, bho chionn 10 bliadhna.

Cead

Leis nach eil e air a mheas mar leasachadh mòr agus air làraich a chaidh a chleachdadh roimhe chaidh na planaichean gu oifigich seach comhairlichean.

Tha comhairliche Cheann a Deas Inbhir Nis, Donnchadh Mac a' Phearsain, a tha a' riochdachadh na sgìre dhen bheachd gur e goireas math a bhios ann faisg air Inbhir Nis.

"Bhiodh tòrr a' stad aig an làraich nuair a bha an Little Chef ann.

"Thathas a' cur fàilte air an leasachadh agus thèid obraichean làn-ùine agus pàirt ùine, agus dreuchdan aig ìre stiùiridh a chruthachadh, a thuilleadh air na h-obraichean a bhios ann nuair a thathas ga thogail," thuirt e.