Dòmhnall Ruadh Chorùna is an Eala Bhàn
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dòmhnall Ruadh Chorùna is an Eala Bhàn

9 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Bha bàird a' Chiad Chogaidh ainmeil, 's tha an cuid obrach aithniche chun an là an-diugh - Wilfred Owen, Siegried Sassoon, Rupert Brooke is eile.

Rinn iad dealbh drùiteach air uabhas nan trainnseachan.

Bha Gàidheil ri bàrdachadh san trainnse cuideachd - 's chan eil duine as ainmeile dhiubh sin na Dòmhnall Ruadh Chorùna à Uibhist a Tuath.

Ruigidh tiamhaidheachd an òrain aige, an Eala Bhàn, do chridhe.

Bha Dòmhnall Ruadh a' sabaid aig Arras agus 'se bàrdachd a rinn e mun bhlàr sin an dàn a bh' fheàrr leis fhèin de na rinn e.

Chaidh a dhroch leòn aig deireadh an fhoghair 1916, air an t-Somme.

Shaoil sinn - air an deireadh sheachdainn shònraichte tha seo - gun toireadh sinn cothrom dhuibh èisteachd ri còmhradh a bh' aige leis a' chraoladair Fred MacAmhlaigh, nach maireann, ann am prògram a chaidh a-mach an toiseach ann an 1962.

Tha Dòmhnall Ruadh a' mìneachadh mar a chaidh a leòn.