Iain Moireach, 1938 - 2018

Iain Moireach

Chaochail an sgrìobhadair Gàidhlig Iain Moireach, à Barbhas ann an Leòdhas, aig aois 80.

A bharrachd air cliù a chosnadh mar sgrìobhadair dràma agus sgeulachdan goirid gu sònraichte, thug e bliadhnaichean an sàs ann an obair foghlaim agus an craoladh.

Ged a bha e aithnichte airson a chuid dhealbhan-cluiche, choisinn Iain Moireach cliù gu sònraichte airson nan sgeulachdan goirid aige - feadhainn cho ainmeil, prìseil 's a th' anns a'chànan, leithid Briseadh na Cloiche, Feòil a' Gheamraidh agus An Aghaidh Choimheach.

Mar a mhìnich e fhèin bho chionn beagan bhliadhnaichean, cha robh roghainn aige ach na h-ìomhaighean a bhiodh a' tighinn thuige a chur air pàipeir.

Foghlam

"Tha do cheann làn rudan letheach-sgrìobhte, no ìomhaighean a th' air, mar gum biodh, air an losgadh cùl d' eanchainne an àiteigin.

"Agus nuair a bhios an t-àm freagarrach, tha fios agad, gun leum iad a-mach, agus gum feum thu sin a sgrìobhadh.

"Ach 's dòcha nach eil ann ach aon ìomhaigh, no sgeulachd."

Ach rinn Iain Moireach iomadh rud a bharrachd air sgrìobhadh - cuid dheth aig a bheil buaidh mhaireannach air saoghal na Gàidhlig.

Bha e an sàs bhon toiseach ann am Pròiseact Dà-Chànanach nan Eilean Siar.

Agus an uairsin, mar iar-stiùiriche foghlam aig a' Chomhairle, bha e na mheadhan air iomadh rud a chur air adhart, bhon chompanaidh foillseachaidh Acair gu Cinema Sgìre.

Ach 's ann airson eanchainn gheur agus a liut leis a' pheann a bhios cuimhne mhaireannach air.

Tha mòran molaidh a' nochdadh air Iain 's a chuid obrach.

Thuirt an sgrìobhadair Aonghas Pàdraig Caimbeul: "Bha liut cànain (ann an Gàidhlig agus am Beurla) aig Iain a bha dìreach àlainn agus làn gliocais. Tha an litreachas aige a' dèarrsadh le na buadhan sin. Bha e daonnan na thlachd agus na thoileachas agus na fhoghlam a bhith na chuideachd."

Sgrìobh an nobhalaiche Calum L. MacLeòid mun leabhar ainmeil sgeulachdan goirid An Aghaidh Choimheach aig Iain Moireach: "Nam bheachd-sa, cha deach cruinneachadh de sgeulachdan goirid nas fheàrr na "An Aghaidh Choimheach" a sgrìobhadh fhathast.

Agus chuir Roinn na Ceiltis aig Oilthigh Ghlaschu teachdaireachd a-mach ag ràdh: "Cho duilich seo a chluinntinn, sgrìobhadair air leth a rinn uiread son a' chànain."

Nuair a chaidh faighneachd do Shomhairle MacGill-Èain beagan bhliadhnaichean mus do chaochail e cò na sgrìobhadairean Gàidhlig dhan robh spèis aige, b' e Iain Moireach a' chiad fhear a dh'ainmich e.

Teisteanas cho math 's a dh'iarradh sgriobhadair sam bith.