Ath-sgrùdadh air buain feamad

Feamainn
Image caption Feumar cead bho Bhuidheann Mara na h-Alba airson feamainn a bhuain gu coimearsalta ann an Alba.

Innsidh Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad a' dol a dhèanamh ath-sgrùdaidh air riaghailtean co-cheangailte ri bhith a' buain feamad ann an Alba.

Tha an t-ath-sgrùdadh a' tighinn às dèidh draghan a bhith air an togail mun buaidh a tha aig dreidseadh coimeirsealta airson feamad air àrainneachd na mara.

Feumar cead bho Bhuidhinn Mara na h-Alba airson feamainn a bhuain gu coimeirsealta ann an Alba.

Ach, tha Pàrtaidh Uaine na h-Alba air draghan mun leithid a thogail aig Holyrood 's iad draghail gu bheil dreidseadh coimeirsealta na feamad a' dèanamh croin agus sgrios air an àrainneachd mhara.

Call

Tha iarrtas bho Phàrtaidh Uaine na h-Alba gun rachadh an dol a-mach a chasg nuair a bhios buill na Pàrlamaid Albannaich a' deasbad Bile Oighreachd a' Chrùin airson an turas mu dheireadh mus tèid a chur an gnìomh san lagh Diciadain.

Tha Rùnaire na h-Àrainneachd aig Riaghaltas na h-Alba, Roseanna Choinneagan, air leigeil fhaicinn gun cuir i taic ri rùn Phàrtaidh Uaine na h-Alba air a' chùis.

Ach, tha i air a ràdh gu bheil an Riaghaltas den bheachd gum bu chòir dha a bhith ceadaichte gu coimeirsealta ann an cuid de shuidheachaidhean airson maith a' phobaill neo airson obair-rannsachaidh 's leasachadh.

Tha riochdairean a' ghnìomhachais air a ràdh mar-thà, ma thèid casg a chur air dreidseadh choimeirsealta na feamad, gun tèid mu £300m a chall bho eaconomaidh na h-Alba ri linn.