Bàs fireannaich an Inbhir Nis ga rannsachadh

Poilis aig an làraich Image copyright Jasper Image

Tha rannsachadh poilis a' leantainn air bàs fireannaich ann an Inbhir Nis.

Thugadh Gavin Grannd, a bha 32, a dh'Ospadal an Ràthaig Mhòir an dèidh tachartais aig dachaigh air Barraid na Creige Àirde sa bhaile oidhche Shathairne, ach bhàsaich e san ospadal.

Tha na Poilis a' cumail faire air an dachaigh.

Thuirt Poileas Alba gur ann mar bhàs neo-mhìnichte a thathas a' dèiligeadh ris a' chùis aig an ìre seo.