Teine an Inbhir Ghòrdain

Carbad-smàlaidh Image copyright Getty Images

Tha luchd-smàlaidh a' dèiligeadh ri teine aig stòr a tha làn bhleideagan fiodha air raon gnìomhachais an Inbhir Ghòrdain air taobh sear Rois.

Tha an teine air a bhith a' gabhail airson ùine.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginneach mu 10:30f Diluain.

Tha dà charbad-smàlaidh agus na criuthaichean aca an làthair.