Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

21 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha dùil ri Theresa May anns a' Bhruiseil feasgar airson coinneimh le Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, Jean Claude Junker. Bidh iad a' bruidhinn an sin air plana airson càirdeas eadar Breatann agus an t-Aonadh Eòrpach an dèidh Bhrexit. Ach tha dreach-aonta Bhrexit a' Phrìomhaire a' dèanamh connspaid fhathast agus Deamocrataich an Aonaidh a' diùltadh a-rithist an-raoir taic a chur ris an Riaghaltas ann an Taigh nan Cumantan.

Bile an Iasgaich

Tha Bile an Iasgaich, a nì riaghladh air a' ghnìomhachas an dèidh Bhrexit a' dol dhan dàrna leughadh ann an Taigh nan Cumantan an-diugh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gun toir e smachd do Bhreatann air a h-uisgeachan fhèin a-rithist. Ach tha an SNP ag ràdh gum bi e a' falbh le cumhachdan na h-Alba. Agus tha dragh air feadhainn gum bi dùthchannan Eòrpach ag iarraidh còir air uisgeachan Bhreatainn mar phàirt de dh'aonta mhalairt an dèidh Bhrexit.

Interpol

Chaidh fear ris nach robh dùil, Kim Jong-yang, à Coirea a Deas, ainmeachadh mar cheann-suidhe air Interpol. Bha dragh air na h-uimhir de dhùthchannan, Breatann nam measg, mun tagraiche eile, an seanalair poilis Ruiseanach Alexander Prokopchuk, agus iad ag ràdh gu bheil e ro fhaisg air a' Khremlin.

Bile Oighreachd a' Chrùin

Tha Bile Oighreachd a' Chrùin a' dol dhan treas ìre ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh agus Comhairle nan Eilean Siar agus na h-ùghdarrasan ionadail eileanach eile an dòchas gun tèid gabhail ris na tha iadsan a' moladh. Tha iad ag iarraidh smachd dhan choimhearsnachd air a' mhuir, 's air grunnd na mara a-mach gu 12 mìle, agus na buannachdan eaconomach.

Buain Feamad

'S chaidh fàilte air dearbhadh gu bheil bile Riaghaltas na h-Alba a' cur taic ri atharrachadh ann am Bile Oighreachd a' Chrùin. Chuireadh an t-atharrachadh sin casg air buain feamad gu meacanaigeach, agus dragh ann mu bhuaidh phlana Marine Biopolymers airson 30,000 tunna de dh'fheamainn a bhuain far a' Chosta an Iar.

Cur-Gheall

Tha buidheann riaghlaidh a' cumail a-mach gu bheil an àireamh chloinne ann am Breatann aig a bheil trioblaid le cur-gheall air àrdachadh a cheithir uimhir ann an còig bliadhna, gu 55,000. Tha an Coimisean airson Cur-Gheall ag ràdh gu bheil barrachd dheugairean ann an Alba, Sasainn agus anns a' Chuimrigh a' cur gheall na tha ag òl deoch-làidir, a' smocadh no a' gabhail dhrogaichean.

Loganair

Tha àrd-stiùiriche Loganair, Ionatan Hinkles, ann an Steòrnabhagh an-diugh far an cluinn e bho riochdairean Comhairle nan Eilean Siar. Tha iadsan gu bhith a' togail phuingean mu chlàran-ama, na h-itealain agus ceistean mun t-seirbheis eadar na h-Eileanan agus Dùn Èideann.