Cùirt an Fhearainn a' taobhadh ri croitear

Croit Pheadar Malone
Image caption A' chroit aig Peadar Malone ann an Loch Carrann.

Thugadh cead do chroitear ann an Loch Carrann a chroit a cheannach an aghaidh toil an uachdarain.

Rinn Peadar Malone obair mhòr air a' chroit aige agus tha e airson a toirt dha na h-òghaichean aige, tha e ag ràdh.

Chan eil Mark Pattinson, leis a bheil Oighreachd Loch Carrann, deònach gèileadh ge-tà, agus cuiridh e an aghaidh breith na cùirteach.

Tha esan a' cumail a-mach gun robh easbhaidh sa phròiseas.

Oighreachd Loch Carrann

'S e fear-gnothachais à Sasainn a th' ann am Mgr Pattinson, agus bha e an sàs ann an loingeas mus do leig e dheth a dhreuchd bho chionn 35 bliadhna.

'S ann tro theaghlach a mhnà a fhuair e sealbh air Oighreachd Loch Carann, anns a bheil 5,000 acair agus seachd bailtean eadar Loch Carrann agus Sìldeag.

'S e an t-argamaid a bh' aige nach robh Peadar Malone ag obrachadh na croite mar a bu chòir fo laghan croitearachd.

Bha e ag ràdh gun cailleadh esan cumhachd toirt air na màladairean aige an cuid chroitean obrachadh nam b' ann leotha fhèin a bha am fearann.

Bha Peadar Malone, a bha na lìghiche-sprèidh, a' dol às àicheadh na casaid sin, ag ràdh gun do rinn e obair mhòr a' fàs ghlasraich.

Tha trì bliadhna ann bho thòisich a' chùis seo, agus bha èisteachd aig Cùirt an Fhearainn sa Phloc an-uiridh.

Às dèidh biadhna a' cnuasachadh na cùise thug iad cead do Pheadar Malone a' chroit a cheannach.

Chan e sin deireadh a' ghnothaich ge-tà, agus Mgr Pattinson an impìs tagradh a dhèanmh an aghaidh na breith.