Draghan mu bhuaidh tuath-gaoithe aig muir

Tha dragh air luchd-dealbhachaidh Comhairle na Gàidhealtachd gum milleadh sgeama mòr seallaidhean mara.

Tha iad ag iarraidh aig comhairlichean cur an aghaidh iarrtais airson tuath-gaoithe ann an Linne Mhoireibh.

Bhiodh 85 crainn san leasachadh, aig a' chompanaidh Moray Offshore Windfarm West Earranta, air làrach mu 14 mìle far chladaich Ghallaibh.

Tha an luchd-dealbhachaidh den bheachd gun toireadh cuid de na crainn droch bhuaidh air seallaidhean fosgailte air a' mhuir.

Tha iad a' moladh nach bi crainn ann cho fada dhan iar air an làraich.

Bidh chomairlichean a' meòrachadh air iarrtas na companaidh agus molaidhean nan oifigeach aig Comataidh Iarrtasan Dealbhachaidh a' Chinn a Tuath an ath-sheachdain.

Thugadh cead do dhà thuath-gaoithe eile aig muir san sgìre agus thòisich obair togail mar-thà.