Cuimhneachan craoibhe air call na h-Iolaire

Clann-sgoile a' cur chraobhan Image copyright SandiePhotos
Image caption Ginealach an là an-diugh a' cuimhneachadh air ginealach a chailleadh.

Chuireadh 201 craobh ann an Steòrnabhagh mar chuimhneachan don fheadhainn a chaillear san Iolaire.

Tha gach tè a' riochdachadh seòladair a chaill a bheatha nuair a chaidh an soitheach a bha gan toirt dhachaigh bhon Chogadh Mhòr air na creagan faisg air Steòrnabhagh.

Bha clann bho Bhun-Sgoil Lacasdail am measg an fheadhainn a nochd Diciadain airson cuideachadh le cur nan craobhan.

Chruinnich mu 30 duine aig bonn a' cheum a tha a' dol gu Carragh-Cuimhne Cogaidh Steòrnabhaigh.

Tha na craobhan - nam measg beithe, calltainn agus caorann - a' dol air gach taobh den t-slighe.

Cuimhneachan beò

Tha Urras nan Coilltean ag ràdh gur e "cuimhneachan beò" a th' annta do mhairbh na h-Iolaire.

Seo an tachartas mu dheireadh aca a' comharrachadh buaidh agus call a' Chogaidh Mhòir.

Chuir iad na mìltean chraobhan air feadh na dùthcha sna ceithir bliadhna a dh'fhalbh.

Tha iad a' faighinn taic ann an Leòdhas bho dhà bhuidhinn ionadail, Urras Steòrnabhaigh agus Urras an Rubha agus Shanndabhaig.

Bhruidhinn Manaidsear Urras an Rubha agus Shanndabhaig, Dòmhnall Iain MacSuain, ris an t-sluagh.

"Tha seo a' comharrachadh gu bheil 100 bliadhna ann on chaidh an Iolaire fodha.

"Tha sinn a' dol a chur craoibhe airson gach duine a chailleadh air an Iolaire an oidhche 'ud," thuirt e.

Cuideachd an làthair bha fear de dh'urrasairean Urras Steòrnabhaigh, Dòmhnall MacLeòid.

Bha am bràthair a bu shine aig athair a' siubhal dhachaigh às dèidh ceithir bliadhna de shabaid nuair a bhuail an soitheach ann an Biastan Thuilm ann an uairean beaga 1mh am Faoilleach 1919.

"Cha robh m' uncail ach 18 bliadhna de dh'aois agus b' e m' athair an deicheamh duine-chloinne a rugadh san teaghlach ann an 1923.

Mar sin, cha do thachair iad riamh," thuirt e.