Loganair a' gealltainn piseach air seirbheisean

Plèana Loganair

Tha itealain ùra, seirbheisean a bharrachd agus strì son faraidhean saora do luchd-gnothachais san amharc aig a' chompanaidh.

Bha Àrd Stiùiriche Loganair, Ionatan Hinkles, ann an Steòrnabhagh Diciadain a' coinneachadh ri comhairlichean agus luchd-gnothachais.

B' e fear de na gealltanasan aca nuair a chaidh iad nan aon chompanaidh a tha a' sgèith eadar na h-eileanan agus Tìr-Mhòr gum biodh pleànaichean na b' fheàrr aca.

Thuirt iad gu robh a' chompanaidh a' dèanamh prothaid agus bha mar a bha iad a' cumail ri clàran-ama na b' fheàrr na bha iad bho chionn fhada.

Seirbheisean a bharrachd

Fhuair iad a' chiad itealan jet san Dàmhair agus tha sin a' dol eadar Inbhir Nis, Manchester agus Baile Atha Cliath.

Bidh an dàrna tè aca san Dùbhlachd eadar Steòrnabhagh agus Glaschu agus tha iad ag ràdh gum bi 4 plèanaichean jet le rùm gu leòr airson 49 luchd-siubhail air an t-slighe ron t-samhradh 2019.

Tha iad cuideachd a' coimhead air barrachd sheirbheisean eadar Beinn nam Fadhla agus Glaschu tro mhìosan trang an t-samhraidh.

Thuirt Mgr Hinkles gum biodh iad deònach coimhead air barrachd sheirbheisean a thabhann a Dhùn Èideann nan robh iarrtas ann air an son

Chan eil seirbheis ann tuilleadh eadar Steòrnabhagh agus Obair Dheathain agus tha Mghr Hinkles ag ràdh gun do choimhead iad gu dlùth air na h-àireamhan agus gun do cho-dhùin iad nach robh iarrtas gu leòr ann airson prothaid a dhèanamh.

Strì phoileataigeach

Tha Loganair cuideachd a' gealltainn iomairt nas làidire a dhèanamh gus am faigh luchd-gnothachais nan Eilean Siar buannachd à sgeama nam faraidhean saora aon uair eile.

A bharrachd air an sin, nì iad argamaid cur às do chìs an luchd-siubhail air seirbheisean à puirt-adhair Thìr-Mhòr gu na h-eileanan cho math ri seirbheisean bho na h-eileanan.

"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil airgead riaghaltais gann, ach chan eil sin a' cur bacadh oirnn bho bhith a' feuchainn ri aire mhinistearan a thoirt dhan dà cheist a tha sin," thuirt Mgr Hinkles.