Manaidsear ùr aig Caol Bhòid

Caol Bhòid Image copyright Google

Dh'innis Caol Bhòid gur e Donnchadh MacIlleChiar manaidsear ùr na sgioba.

Tha e a' dol an àite Sheumais Perlich, a bha air innse gun robh e a' fàgail obair a' mhanaidseir ann an Taigh na Bruaich.

Thòisich MacIlleChiar le Srath Chura, am baile dham boin e, ach tha e air a bhith a' cluich do Chaol Bhòid fad iomadh bliadhna.

Thuirt an cluba gun innis MacIlleChiar an ceartuair dè an sgioba-choidsidh a bhios aige.

Aig an aon àm, tha sgioba Celtic an Òbain a' sireadh mhanaidseir ùir is Kenny Wotherspoon air a dhreuchd fhàgail.

Tuilleadh air an sgeulachd seo