Cathraiche comataidh a' seasamh sìos ann am buaireadh mu pharcadh

An Gearasdan Image copyright Richard Webb/Geograph

Leig an Comh. Anndra Baxter seachad a dhreuchd mar chathraiche air Comataidh a' Chùraim, an Ionnsachaidh agus an Taigheadais aig Comhairle na Gàidhealtachd ri linn buairidh mu sgeama parcaidh an-asgaidh sa Ghearasdan.

Bha an Comh Anndra Baxter, a tha cuideachd os cionn chomataidh sgìreil Loch Abar, airson àiteachan parcaidh an-asgaidh fad suas ri dà uair de thìde a thabhann sa bhaile ron Nollaig.

Chaidh sin aontachadh aig coinneimh den chomataidh sin air an 7mh là dhen t-Samhain.

Ach, thuirt a' Chomhairle gun robh iad air stiùireadh laghail fhaighinn gum feumadh an làn chomhairle beachdachadh air a' ghnothaich aig an ath-choinneimh aca leis gun toireadh e buaidh air an t-suidheachadh ionmhais aca.

Tha dùil gun robh Mgr Baxter mì-thoilichte mun dòigh anns an deach an co-dhùnadh mun sgeama parcaidh eadar-amail a stad le comhairlichean taobh a-muigh na sgìre aige fhèin.