Fear fo chasaid dhrogaichean an Inbhir Nis

Tha dùil gun nochd fireannach sa chùirt ann an Inbhir Nis Diardaoin co-cheangailte ri mar a chaidh drogaichean fhaighinn sa bhaile an t-seachdain seo.

Dh'innis na Poilis gun d'fhuair iad heroin is cocain luach £80,000 aig Stèisean Rèile Inbhir Nis Dimàirt.

Chaidh casaidean a chur as leth fireannaich, aois 24, ann an co-cheangal ris a' chùis, is tha dùil gun nochd e ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Inbhir Nis Diardaoin.

Thuirt an Detective Sàirdseant Sam McLaughlan bho Phoileas Alba gu bheil iad ag amas air feadhainn a tha a' reic dhrogaichean ann an coimhearsnachdan air a' Ghàidhealtachd.

Dh'iarr e air duine sam bith le fiosrachadh no draghan mu dhrogaichean fios a chur air na Poilis.