Dàil air cùmhnant IT do sgoiltean air a' Ghàidhealtachd

Sgoilearan aig coimpiutairean
Image caption Tha an t-ùghdarras ionadail ag amas air leabhraichean Chrome a thoirt dhan a h-uile sgoilear bho clas 6 sa bhun-sgoil dhan 6mh bliadhna san àrd-sgoil agus goireasan coimputaireachd nas fheàrr a thoirt dhan luchd-obrach.

Chaidh tuilleadh dàil a chuir air a' chùmhnant aig Comhairle na Gàidhealtachd coimpiutairean ùra a thoirt do sgoilearan na sgìre.

Tha an t-ùghdarras ionadail ag amas air leabhraichean Chrome a thoirt dhan a h-uile sgoilear bho clas 6 sa bhunsgoil dhan 6mh bliadhna san àrdsgoil agus goireasan coimpiutaireachd nas fheàrr a thoirt dhan luchd-obrach.

Thuirt Ceannard Buidseat na Comhairle, an Comh. Alasdair MacFhionghain, gur e bùrach a th' anns a' chùis.

Thuirt e gu bheil buaidh mhòr aig a seo air sgoilearan, an luchd-obrach agus air a' chomhairle gu lèir.

Slaodach

Chaidh draghan a thogail cuideachd gu bheil luchd-obrach a' cosg ùine mhòr air gnothaichean IT a bu chòir a bhith an ìre mhath sìmplidh.

Thathar ag aithris gu bheil cuid de luchd-obrach a' feitheamh suas ri 20 mionaid mus tèid aca air na coimpiutairean aca a chur gu dol sa mhadain leis cho slaodach 's a tha na siostaman.

Choinnich Comataidh Ghoireasan Corporra na Comhairle Diciadain far an deach deasbad a dhèanamh air seirbheisean IT a tha air an lìbhirgeadh leis a' bhuidhinn phrìbhidich WIPRO.

Thuirt an Comh. MacFhionghain gu bheil obair mhòr ga dèanamh airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh.