Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tillidh Theresa May dhan Bhruiseil Disathairne airson tuilleadh chòmhraidhean air Brexit le dòchas air aonta mus bi àrd-choinneamh nan ceannardan Eòrpach ann air an ath-là. Dh'fhailich air a' Phrìomhaire aonta a dhèanamh anns a' Bhruiseil an-dè, le ceistean ann mu chòirichean iasgaich agus Gibraltar. Thuirt Sràid Downing gu bheil làn-dùil aca ri fuasgladh ron àrd-choinneimh Là na Sàbaid. Thuirt Seansalair na Gearmailt, Angela Merkel, an-diugh gun dèan ise a dìcheall aonta a dhèanamh, oir gur e Brexit gun aonta an rud as miosa a bhiodh ann.

Gheall colaistean is oilthighean na h-Alba, agus Riaghaltas na h-Alba, gun obraich iad còmhla airson an dùthaich a dhìon bho "dhroch bhuaidh Bhrexit" mar a chuir iad e. Thuirt iad gum feuch iad ri cliù na h-Alba airson rannsachaidh, saidheans agus foghlaim a ghlèidheadh. Tha Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ag ràdh gu bheil soirbheachas nan oilthighean 's nan colaistean na phrìomh amas aca an dèidh Bhrexit.

Matthew Hedges

Tha bean an oileanaich à Breatainn air an deach binn beatha sa phrìosan sna h-Eimireitean Arabach Aonaichte a' fàgail air Oifis na Dùthcha gu bheil iad a' cur càirdeas na Rìoghachd Aonaichte ris an UAE air thoiseach air cor an duine aice. Tha Matthew Hedges a' dol às àicheadh gun robh e ri obair-brathaidh. Tha a bhean, Daniela Tejada, air tilleadh a Bhreatainn airson coinneachadh ri Rùnaire nan Dùthchanan Cèine, Jeremy Hunt.

Comhairle na Gàidhealtachd

Dh'aidich ceannard buidseat Comhairle na Gàidhealtachd gur e "bùrach" a th' ann an cùmhnant coimpiutaireachd na Comhairle. Bha an Comh. Alasdair MacFhionghain a' bruidhinn agus a' chompanaidh WIPRO air leigeil fhaicinn gum bi dàil eile sa chùmhnant airson Leabhraichean Chrome a thoirt dhan a h-uile sgoilear àrd-sgoile, agus goireasan coimpiutair nas fheàrr do luchd-obrach.

Creag an Iubhair

Iarraidh Comataidh Aiseagan Mhuile air Còmhdhail Alba coimhead às ùr air an t-suidheachadh aig cidhe Chreag an Iubhair ann am Muile, agus dragh ann gum faodadh trioblaidean an sin droch bhuaidh a thoirt air eaconomaidh an eilein. Thàinig cùisean gu ceann air an deireadh-sheachdain nuair a chaidh seòlaidhean a chur dheth agus trioblaid aig a' bhàta ceangal ris a' chidhe.