Ola a' tighinn à raon ùr

Clair Ridge Image copyright BP
Image caption Tha Druim a' Chlàir air a mheas aig BP mar thè de na prìomh roinntean aca.

Thòisich ola a' tighinn à raon ùr aig BP chun an Iar air Sealtainn.

Thathas den bheachd gun tig ola às fad 40 bliadhna.

Chaidh raon Clair a lorg anns na 70an agus tha dùil gu bheil seachd billean baraill ola agus gas ann.

'S e gluasad cudromach a th' ann do ghnìomhachas na h-ola agus gas.

Le clàran gan dùnadh sa Chuan a Tuath tha sùil ga thoirt air ear thuath a' Chuan Shiar, tha e air fhaicinn mar làraich ùir airson rannsachaidh agus giollachd.

Giollachd

Aig àirde dh' fhaodadh sgìre Clair mu 120,000 barrail òla a chruthachadh gach là.

Tha e air fhaicinn le BP mar thè de na làraich as cudromaiche aca, gu h-àraid agus iad air na h-earrannan aca ann an grunn sgìrean eile a reic an-uiridh.

Seo an dàrna pàirt de leasachadh anns an sgìre seo den chuan.

Thòisich a' chiad ìre dheth a' giollachd ola ann an 2005.

Tha BP mar-thà a' coimhead air àite anns an gabhadh an treas ìre a thòiseachadh.