Aonta amar-snàimh ga chur air bhog

Taigh-òsta
Image caption Bha aonta ann thairis air grunn bhliadhnaichean eadar Comhairle na Gàidhealtachd is MacDonald Hotels a dh'fhàg gum b'urrainn buill na buidhne High Life na Gàidhealtachd amar-snàmh na companaidh san Aghaidh Mhòir a chleachdadh.

Faodaidh buill na buidhne High Life na Gàidhealtachd an t-amar-snàimh aig Macdonald Hotels san Aghaidh Mhòir a chleachdadh a-rithist bho Dhihaoine.

Tha e air thighinn am barr gu bheil a' chompanaidh agus Comhairle na Gàidhealtachd air thighinn gu aonta ùr.

Bha aonta ann thairis air grunn bhliadhnaichean eadar Comhairle na Gàidhealtachd is MacDonald Hotels a dh'fhàg gum b'urrainn buill na buidhne High Life na Gàidhealtachd amar-snàmh na companaidh san Aghaidh Mhòir a chleachdadh.

Thàinig sin gu ceann as t-samhradh nuair a dh'fhailich e air a' chomhairle is a' chompanaidh tighinn gu aonta ùr.

Dh'fhàg sin gun robh muinntir an àite ri dhol a Bhaile nan Granndach ma bha iad airson amar-snàimh a chleachdadh.

Ach tha e-nis air tighinn am follais gu bheil a' Chomhairle is MacDonald Hotels air tighinn gu aonta ùr.

Faodaidh buill High Life na Gàidhealtachd an t-amar a chleachadh às ùr bho Dhihaoine.

Thuirt fear-gairm na comhairle, Bill Lobban, gur e aonta aona bhliadhna a tha seo agus gu bheil e an dòchas gur e cothrom a bhios ann aonta nas fhaide a chur air dòigh.