Co-luadar casg-astair an Inbhir Nis

Abhainn Nis
Image caption Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil Ceum Nis cunnartach, ro chumhang agus gu bheil cus thubaistean a' tachairt san sgìre.

Bidh co-luadar poblach ann air plana 'son fear de na rathaidean as trainge ri taobh Abhainn Nis.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil Ceum Nis cunnartach, ro chumhang agus gu bheil cus thubaistean a' tachairt san sgìre.

Tha iad a' moladh an rathad a dhèanadh le aona shlighe a-mhàin agus casg astar 20 mìle san uair a chur air.

Ach tha dragh air muinntir Bhaile Faire gum bi trafaig an uairsin a' siubhail rathaidean beaga na sgìre acasan agus gum bi iad nas cunnartaiche ri linn.

Tha fear de comhairlichean na sgìre, Ailig Greumach, a'dol às àicheadh sin.

Fosgladh

Thuirt An Comh. Greumach gur e oidhirp shònraichte a tha seo airson feuchainn ri leasachadh a thoirt air an rathad ri taobh bruach na h-aibhne.

"Tha mi smaoineachadh gu bheil e a' foslgadh a-mach am pàirt seo den bhaile do luchd-turais agus daoine a bhios ag iarradh cuairt ann.

"Aig an aon àm, chan eil mi smaoineachadh gu bheil e a' dol a dhèanamh cus croin, nan dèanadh e cron idir, air an dòigh-beatha aig daoine a tha a' fuireach anns an sgìre."

Ach chan e sin am beachd aig Comhairle Coimhearsnachd Bhaile Faire.

Tha dragh orrasan gum biodh an casg-astar a' ciallachadh gum biodh draibhearan a' seachnadh sin le bhith a' dol tro na sràidean beaga acasan.

Thuirt an Comh. Greumach gu bheil teansa ann gum bi beagan den a sin a' tachairt ach nach biodh e uabhasach follaiseach agus gum biodh buannachdan mòra do bhruathaichean na h-aibhne.