Reubaltaich ann an Eachdraidh na h-Alba

Daoine ann an èideadh eachdraidheil
Image caption Bha feadhainn a thug òraidean seachad aig an fhèis sgeadaichte ann an èideadh a bha cumanta aig àm bhlàr Chul Lodair.

Dè tha e a' ciallachadh a bhith nad reubaltach - an dà chuid ann an eachdraidh na Gàidhealtachd agus cuideachd anns an là an-diugh?

Sin an dearbh cheist a tha an fhèis leabhraichean NessBookFest air a bhith ag iarraidh air sgrìobhadairean agus daoine air a' Ghàidhealtachd beachdachadh air.

Eadar Blàr Chùil Lodair agus Blàr Chearnaig Sheorais tha a-riamh àite cudromach air a bhith aig reubaltaich ann an eachdraidh na h-Alba.

Agus chleachd a' bhuidhinn a chuir an tachartas air dòigh seann litreachan bho linn nan Seumasach mar bhun-stèidh airson sgrìobhadairean a bhrosnachadh gus meòrachadh air a' chuspair seo.

Chaidh bàrr na h-obrach sin a chur mu choinneamh an t-sluaigh ann an Inbhir Nis Oidhche Ardaoin.

Bha an tachartas air a sgaradh na dhà leth.

Pàipearan eachdraidheil

Anns a' chiad phàirt dheth, leugh luchd-obrach saor-thoileach à Ionad Urras Nàiseanta na h-Alba air Blàr Chùil Lodair - a bha sgeadaichte ann an èideadh a bha cumanta aig an àm, crìomagan bho phàipearan eachdraidheil.

Agus an uairsin, thug sgrìobhadairean às an sgìre na beachdan aca seachad mu reubaltach - a thàinig mar thoradh air bùithtean-obrach a chaidh a chumail mu choinneamh Seachdain Leabhraichean na h-Alba.

Bha an t-ùghdar Ruairidh MacIlleathain am measg nan sgrìobhadairean a leugh earrannan bhon leabhar ùr aige aig an tachartas.

Thuirt esan gun urrainn do dh'Albannaich ionnsachadh bho dhiofar dhùthchannan, agus gu sònraichte bho reubaltaich ann an Èireann far a bheil an leabhar aige stèidhichte.

"Tha sinn tighinn suas gu 100 bliadhna bhon a fhuair Èirinn tomhas de neo-eisimeileachd le bhith a' cruthachadh Saor-Stait na h-Èireann agus tha an nobhail agam a' coimhead air an dearbh rud a tha sin.

"Bha tòrr ag atharrachadh anns an t-saoghal mun àm sin - còirichean 'son boireannaich a-thaobh bhòtadh 's a h-uile càil mar sin.

"Agus bha an reubaltach, ma 's e reubaltach a th'ann, bha e mar phàirt de ghnothaichean a bha ag atharrachadh anns an t-saoghail air deireadh a' Chiad Chogaidh."

Srian fhosgailte

A rèir Barabail NicEanraig bhon bhuidhinn stiùiridh aig NessBookFest bha srian fhosgailte aig na h-ùghdaran ionadail dhan tug iad cuireadh airson na beachdan aca fhèin mu dè th' ann an 'reubaltachd' a chur an cèill.

"Bha seo mu dheidhinn cothrom a thoirt do ghuthan às an sgìre agus daoine tàlanatach ùra a bhrosnachadh", thuirt i.

Ach chan fheum sinn coimhead ro fhada air ais ann an eachdraidh airson lorg fhaighinn air reubaltaich air a' Ghàidhealtachd.

Bha Murchadh Caimbeul, a tha na chathraiche aig Comann Gàidhlig Inbhir Nis agus a bha an làthair aig an tachartas airson cuimhneachadh air an t-strì an aghaidh chìsean drochaid an Eilein Sgithanaich.

A' strì

"Nuair a thog iad drochaid an Eilein Sgitheanaich, bha reubaltaich gu leòr againn ann an sin a bha a' strì an aghaidh na cìs a bha air an drochaid.

"Agus bhuannaich iadsan agus chan eil cìs air drochaidh an Eilein Sgitheanaich anns an là a th' ann an-diugh.

"Ach fiù 's air feadh nan eilean, tha daoine air a bhith a' strì airson aiseagan nas fheàrr fhaighinn, dòighean beatha nas fheàrr a bhith aca anns na h-eileanan.

"Tha iad air am fàgail a-mach às tòrr rudan a chionn 's gu bheil daoine a' smaointinn gu bheil iad air an iomall.

"Ach tha iad fhèin a' strì airson a bhith a' faighinn an rud a tha iad ag iarraidh 's tha mi a' creidsinn gu bheil iad an uairsin a' coimhead orra fhèin mar reubaltaich."