ICT air an rathad gu Hampden

ICT is Cupa na h-Alba. Image copyright SNS
Image caption ICT is Cupa na h-Alba ann an 2015.

Trì bliadhna às dèidh dhaibh Cupa na h-Alba a bhuannachadh, tòisichidh Caley Thistle uair eile air an rathad gu Hampden Didòmhnaich.

Nì iad eachdraidh nuair a chluicheas iad an aghaidh Edinburgh City san treas chuairt e oir 's e seo a' chiad gheama a-riamh eadar na sgiobaidhean.

Bidh ICT misneachail a' dol dhan phrìomh bhaile is iad air 25 geamaichean gun chall san lìog, is às dèidh dhaibh tilleadh air ais bho 3-0 air deireadh an aghaidh Queen of the South an t-seachdain seo chaidh gus puing fhaighinn.

Gu dearbh, theab Inbhir Nis an geama sin a bhuannachadh anns na mionaidean mu dheireadh.

Tha Caley Thistle ag ràdh gun seall iad làn urram dha Edinburgh City, a tha an-dràsta aig mullach Lìog 2 is a chuir Alloa a-mach à Cupa Dùbhlan na h-Alba air breaban-peanais an t-seachdain seo chaidh.

Sgioba mhòr, làidir a tha seo, is eòlas gu leòr air ìre nas àirde aig leithid Conrad Balatoni, Josh Walker is Danny Handling.

Taghadh

Bidh fios aig na sgiobaidhean nuair a thòiseachas iad Didòmhnaich cò bhios aca sa cheathramh chuairt is an taghadh gu bhith air a dhèanamh Disathairne.

Bu chòir gur e Caley Thistle an sgioba a nì adhartas ann an Dùn Èideann.

Tha Ross County am measg nan sgiobaidhean bhon Championship a tha a' dol dìreach dhan cheathramh chuairt.

Cha bhi County nan tàmh Disathairne ge-tà is Dùn Phàrlain a' tighinn a chèilidh orra san lìog.

Leumaidh County air ais os cionn Dundee United dhan dàrna àite ma gheibh iad na trì puingean an aghaidh na Pars.

Tha grunn chluicheadairean air an goirteachadh aig County, ach thuirt am fear-aghaidh aca, Declan McManus, gu bheil làn earbsa aca san sguad aca is gu bheil iad a' creidsinn gun urrainn dhaibh an lìog a bhuannachadh.