Banca na h-Alba fo chàineadh

Bha coinneamh phoblach ann an Inbhir Losaidh Oidhche Dhiardaoin, agus daoine a' togail dhraghan ann mu phlanaichean Bhanca na h-Alba am meur aca sa bhaile a dhùnadh.

'S e an aon bhanca a th' ann an Inbhir Losaidh an-dràsta.

Ged a tha Banca na h-Alba ag ràdh gum biodh cothrom aig daoine cuid de nithean bancaidh a dhèanamh aig oifis a' phuist, chuala a' choinneamh gu bheil sin ga reic an-dràsta.

BP na sgìre

Chaidh a' choinneamh a chur air dòigh le Ball Pàrlamaid na sgìre, Dùghlas Ros.

Bha Maighstir Ros ag ràdh gur ann aig 1000 Diciadain a chaidh a chaidh innse do luchd-obrach a' bhanca mun phlana agus gun d' fhuair an luchd-cleachdaidh litir mu dheidhinn an ath latha.

Dìth conaltraidh

Bha e ag ràdh cuideachd: "Chan eil conaltradh foirmeil sam bith air a bhith ann eadar Banca na h-Alba agus an luchd-cleachdaidh agus chan eil sin idir math gu leòr."

Dh'fhàg mi cathair fhalamh aig a' choinneimh far an robh còir aig riochdaire bhon bhanca a bhith airson sealltainn gun d' fhuair iad cuireadh èisteachd ris an t-sluagh agus gun dhiùlt iad sin a dhèanamh - nì mi an dearbh rud ann am Baile Chèith."

Tha Banca na h-Alba air innse gun dùin iad meur Bhaile Chèith cuideachd.