Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

23 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha oifigich an Aonaidh Eorpaich aig coinneimh 'sa Bhruiseal, far a bheil iad a' feuchainn ris an Spàinn a riarachadh mu aonta Bhrexit. Ged nach eil bhèato aig aon dùthaich leatha fhèin, tha an Spàinn ag ràdh nach gabh iad ris an aonta mura bi soilleireachadh ann air na tha an dàn do Gibraltar.

Aig a' cheart àm thuirt seann rùnaire Bhrexit Dominic Raab gu feum buill-phàrlamaid ullachadh 'son falbh às an EU gun aonta. Ach thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Damien Green, fear a bha 'son fuireach anns an EU, gu bheil esan a' smaoineachadh gum fàs taic anns a' phàrlamaid do phlana a' Phriomhaire.

Tha Theresa May fhèin gu bhith a' gabhail pàirt ann am prògram 'phone-in' air a' BhBC an-diugh, an dà chuid air rèido agus telebhisean, a' toiseachadh aig leth uair an dèidh meadhan latha, far am bi cothrom aig a' phoball ceistean a chur oirre mu Bhrexit.

Matthew Hedges

Chaidh tosgaire nan Emireatean Aonaichte Arabach san Rìoghachd Aonaichte às àicheadh gun do rinn an dùthaich aige dìmeas air oileanach à Breatainn a th' anns a' phrìosan fo bhinn beatha an sin, fo chasaid gun robh e ri obair-brathaidh. Chaidh Sulaiman Hamid Salem Al Mazroui às àicheadh nach do mhair a' chùirt an aghaidh Matthew Hedges ach còig mionaidhean agus thuirt e gu bheil e an dòchas gum bi fuasgladh diplomataigeach ann.

Raon Ola

Tha ola a' tighinn 'son a' chiad uair bho raon Clair Ridge aig BP an iar air Sealtainn. Chaidh dearbhadh gun robh ola san sgire sin an toiseach sna 1970an. Tha tomhas ann gu bheil seachd billlean baraille gu lèir san raon agus aig àirde gum bi sia fichead mìle baraille gach là a' tighinn às. Tha BP an dùil gu bheil ann de dh'ola agus gas a chumhas obair riutha son dà fhichead bliadhna.

Mosg

Tha aithrisean ann gun deach sia duine fichead, air a char as lugha, a mharbhadh ann an spreadhadh aig mosg ann an Afganastan. Thachair an spreadhadh aig a' mhosg aig gearasdan le arm Afganastan ann an sgìre Khost air taobh sear na dùthcha sa mhadainn an-diugh.

Tidsearan

Chan eil airgead aig Comhairle na Gàidhealtachd a bheir am pàigheadh a tha iad ag iarraidh do thisearan a-rèir ceannard buidseat an ùghdarrais, an Comhairliche Alasdair MacFhionghain. Tha na tidsearan ag iarraidh 10% ach chan eil Riaghaltas na h-Alba deònach ach 3% a thoirt dhaibh agus tha coltas stailc ann. Ach tha an Comhairliche MacFhionghain ag iarraidh chòmhraidhean ris na h-aonaidhean agus ris an riaghaltas.