Coinneamh thar-phàrtaidh mu bhurraidheachd NHS

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Thèid coinneamh a chumail feasgar Dihaoine eadar luchd-poileataigs, ceannardan aonaidh, agus buidheann de luchd-obrach slàinte a tha ag ràdh gun robh cultar de bhurraidheachd, càineadh agus eagail bitheanta aig NHS na Gàidhealtachd.

Chaidh ainmeachadh mar-thà gun tèid rannsachadh neo-eisimeileach fo smachd John Sturrock QC a chumail airson faighinn gu bàrr a' ghnothaich.

Tòisichidh obair air an rannsachadh sin taobh a-staigh beagan sheachdainean.

Tha ceannardan NHS na Gàidhealtachd a' dol às àicheadh nan aithrisean, ach chuir iad fàilte air taic bhon taobh a-muigh leis an rannsachadh, ag ràdh nach eil càil acasan ri chleith.