CNES Budget
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu bhrexit

23 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Dh'fhaodadh bùrach Bhrexit agus an t-eas-aonta eadar na Tòraidhean agus an DUP dàil a chur air comhairlean na h-Alba a bhith a' stèidheachadh nam buidseatan aca.

Sin a rèir Alasdair MhicLeòid, Iar-Chathraiche Comataidh Poileasaidh agus Stòrais Chomhairle nan Eilean Siar.

Feumaidh ùghdarrasan ionadail na h-Alba na buidseatan aca fhoillseachadh sa Bhliadhna Ùir - ach cha ghabh sin a dhèanamh gus an tèid buidseatan aontachadh le pàrlamaidean Westminster agus Holyrood.

Seo Ruaraidh Rothach.