Plana nàiseanta do chosgaisean lìbhrigidh

Ionad puist
Image caption Leis an uimhir de dhaoine air a' Ghàidhealtachd a tha a-nis a' ceannachd rudan air-loidhne tha na cosgaisean lìbhrigidh a tha an lùib seo na chùis dhragh.

Thèid Plana Nàiseanta fhoillseachadh ann an Inbhir Nis Diluain mar phàirt de dh'iomairt airson lùghdachadh a thoirt air cosgaisean lìbhrigidh don Ghàidhealtachd.

Tha mì-thòileachas air a bhith a' leantainn mu chosgaisean àrda.

Leis an uimhir de dhaoine air a' Ghàidhealtachd a tha a-nis a' ceannachd rudan air-loidhne tha na cosgaisean lìbhrigidh a tha an lùib seo na adhbhar dragh.

Ann an Inbhir Nis feasgar Diluain thèid plana nàiseanta airson cosgaisean libhrigidh reusanta a chur air bhog le Ministear a' Ghnothachais aig Holyrood, Jamie Hepburn.

Às dèidh an tachartais, coinnichidh e ri gnìomhachasan is daoine bhon sgìre a tha air a bhith a' fulaing bho chosgaisean lìbhrigidh àrda.

Bidh Sgioba nan Inbhean Malairt aig Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd an làthair 's iad a' taisbeanadh làraich-lìn ùir.

Chaidh sin a chruthachadh leis an amas tuigse nas fheàrr a bhrosnachadh am measg luchd-cleachdaidh mu na còraichean a th' aca nuair a tha iad a' ceannachd air an eadar-lìon.