Teine mairbhteach an Àird nan Saor

Tha fireannach air bàsachadh às dèidh teine ann am bhana-campachaidh faisg air Inbhir Nis.

Thachair an tubaist ann an Àird nan Saor oidhche h-Aoine.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn mun tachartas air Slighe an Steisein mu 7.40f.

Thuirt Poileas Alba gun do shoirbhcih le luchd-smalaidh cuir às dhan teine ach gun deach corp fireannaich a lorg anns a' charbad.

Cha deach an duine, a bha 66, ainmeachadh go- h-oifigeil fhathast.

Thuirt labhraiche Phoileas Alba, An Det. Insp. Eddie Ros gun robh an cuid smaointinn le teaghlach an duine.

Dhearbh e cuideachd gu bhel rannsachadh fhathast a' dol eadar na poilis agus an t-seirbheis smàlaidh air dè dh'adhbhraich an teine.

Chan eil dùil gun robh dad amharrasach mun teine.