Iolairean-mara gan coireachadh airson call uan

Iolaire-mara Image copyright Getty Images
Image caption Tha an leithid an RSPB agus Dualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh nach eil iolairean-mara ag amas ach air uain lag.

Tha croitearan Ratharsair ag ràdh gu bheil iolairean-mara a' toirt fìor dhroch bhuaidh air an stoc.

Tha iad a' cumail a-mach gum bi na h-eòin-chreachaidh a' falbh le uain.

Chaidh an toirt air ais a dh' Alba bho chionn 40 bliadhna agus bho nuairsin tha connspaid air a bhith gan cuairteachadh.

Tha an leithid an RSPB agus Dualchas Nàdair na h-Alba ag ràdh nach eil na h-eòin ag amas ach air uain lag.

Spadadh

Tha fear de chroitearan Ratharsair, John Willie MacGillÌosa, a' cumail a-mach gu bheil iad ag obair air caoraich cuideachd agus nach eil teagamh nach eil cùisean air fàs nas miosa.

"Tha an àireamh de dh'uain tha sinn a' comharrachadh san Òg-mhìos a' dol sìos a h-uile bliadhna.

"Tha mi a' creidsinn am bliadhna cha do reic sinn 300 uan a-mach à 1,500 caora," thuirt e.

Tha e a' dèanamh dragh dha mun bhuaidh a tha na h-eòin, nam beachdsan, a' toirt air croitearachd air an eilean.

Tha na buidhnean glèidhteachais a' moladh an stoc a chumail nas fhaisg air na croitean ach tha Mgr MacGillÌosa ag ràdh nach eil sin freagarrach dhaibh-san.

"Tha iad a' bruidhinn air airgead a thoirt dhuinn airson agus gun càraich sinn togalaichean airson na h-uain a thoirt a-staigh gu pàircean.

"Ach mar a tha sinne ann an Ratharsair chan eil pàircean againn, 's e caoraich mhonaidh a th' againne.

"Tha e cudromach gum fuirich na caoraich air a' mhonadh nuair a tha na h-uain air am breith agus gun tèid na h-uain bhoireann gu h-àraid air ais far an robh iad air am breith," thuirt e.

Mearachd

Tha iad airson agus gun aidich na buidhnean glèidhteachais gun do rinn iad mearachd ann a bhith a' toirt na h-eòin air ais a dh'Alba.

Chan eil ann ach aon fhuasgladh am beachd Mgr MhicGillÌosa, agus 's e sin cur às dha na h-iolairean-mara.

"Chan eil an gnothach a' dol a dh'fhàs bit nas fheàrr ma tha na h-eòin gu bhith ann an seo.

"Tha iad nas pailte a h-uile bliadhna agus tha an gnothach air a dhol nas miosa na bha e a-riamh.

"Mura tòisich iad air cur às dha na h-eòin cha bhi croitearan ann a tha a' cumail chaorach air monadh," thuirt e.