Seirbheis call na h-Iolaire aig muir

An MV Loch Shìophoirt.
Image caption Bidh seirbheis air bòrd an MV Loch Shìophoirt a' cuimhneachadh air call na h-Iolaire.

Bidh an MV Loch Shìophoirt mar phàirt de thachartasan a' cuimhneachadh air tubaist na h-Iolaire bho chionn 100 bliadhna.

Dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn Diluain gum biodh seirbheis air bòrd a' bhàt'-aiseig aig dà uair dheug air Là na Bliadhn' Ùire 2019 faisg air Biastan Thuilm.

'S ann tràth sa mhadainn air a' chiad là de 1919 a chaidh an Iolaire air na creagan sin, dìreach beagan shlatan bho thìr.

Bha i a' giùlain sheòladairean dhachaigh bhon Chogadh Mhòr; chaill 20l aca am beatha.

Tilgidh 201 clann-sgoile bho air feadh nan Eilean Siar dìtheanan dhan mhuir mar chuimhneachan air gach fear a chailleadh.

Bidh seirbheis air tìr aig Carragh-cuimhne na h-Iolaire ann an Tolm aig a' cheart àm sa bhios an tè air a' bhàt'-aiseig.

Ticeadan

A bharrachd air a' chloinn-sgoile, tha rùm gu leòr air bòrd airson 250 duine eile agus gheibh iadsan a thig air adhart an toiseach ticeadan.

Bidh iad sin ri fhaotainn aig Oifis ChalMac eadar 9:00m. agus 11:00m. agus bho 3:00f. gu 5:00f. bho Dhiluain 3mh gu Dihaoine 7mh den Dùbhlachd.

Bidh cuid a thiceadan air an cur ma seach do dhaoine dham bi e duilich faighinn chun na seirbheis air tìr.

Thuirt Àrd Stiùiriche ChalMac, Robbie Drummond:

"Bha tòrr dhen fheadhainn a chaill am beatha san tubaist aig an robh dlùth cheangal leis a' chompanaidh.

Tha sgiobair an MV Loch Shìophoirt, Iain MacGillÌosa, càirdeach do dh' fhear a bhàthadh, mar sin tha e iomchaidh gu bheil Caledonian Mac a' Bhruthainn mar phàirt den t-seirbheis a tha a' cuimhneachadh orrasan a bhàsaich."