Moladh gun mhaill a chur air fàs thuathan bhradan

Tuath èisg.
Image caption Tha iarrtas ann gum bi tuathan-bhradan nas fhosgailte mun cuid obrach.

Fhuair sgrùdadh nach eil fianais ann airson stad a chur air leudachadh gnìomhachas a' bhradain an Alba.

Bha Comataidh nan Cùisean Dùthchail aig Holyrood a' coimhead air mar a tha bradan gan àrach.

Tha draghan ann mun bhuaidh a th'aig tuathanasan-èisg air bradan fiadhaich agus air grunnd na mara.

Bha cuid de luchd-glèidhteachais ag iarraidh casg air planaichean an gnìomhachas a leudachadh ach cha deach aithisg na comataidh cho fada sin.

Leasachadh

Dh'fhoillsich iad ge-tà 65 molaidhean do chompanaidhean bradain airson piseach a thoirt air an obair aca.

Nam measg tha casg air companaidhean nach eil ag obair mar bu chòir bho bhith a' fàs mura tig piseach air na cleachdaidhean aca.

Tha iad cuideachd ag ràdh nach bu choir tuathanasan a bhith faisg air slighean imrich nam bradan fiadhaich.

Tha iad a' moladh cuideachd gum bu chòir ìmpidh a bhith air companaidhean a bhith nas fhosgailte mu ghalairean agus mun stuth ceimigeach a tha iad a' cleachdadh.

Tha an gnìomhachas ag ràdh gu bheil iad mar-thà ag obair airson na modhan-obrach aca a leasachadh.