Sgeulachdan sa choille

Sgeulachdan sa choille
Image caption Rinn a' bhuidheann cridhe seilich, a tha a' ceangal ri tè de na sgeulachdan a chuala iad.

Tha fios againn uile mu na buannachdan slàinte a tha a' tighinn bho bhith a' cur ùine seachad a-muigh.

Le sin, tha buidheann air a' Ghàidhealtachd a' brosnachadh dhaoine le dementia cruinneachadh còmhla riutha air a' bhlàr a-muigh gach seachdain, agus fianais ann gu bheil sin na chuideachadh dhan tinneas.

An t-seachdain seo, chuir iad fàilte air sgeulaiche mar phàirt de dh'fhèis sgeulachdan ann an Coille Choimhearsnachd Bhaile Eòghain.

"'S e luchd-amhairc mìorbhaileach a th' annta airson sgeulachdan," thuirt Lizzie NicDhùghaill, a tha ag obair na sgeulaiche.

Image caption A bharrachd air an sgeulachdan, bha an fheadhainn a bha an sàs anns a' phròiseact ri ealain, a' cleachdadh stuthan on choille fhèin gus cridhe seilich a dhèanamh.

"Tha na sgeulachdan a' còrdadh riutha gu mòr.

"Mar phàirt dheth, bidh e gam brosnachadh fhèin a bhith ag innse sgeulachdan.

"Bha làithean math dha-rìribh againn far a bheil sinn air a bhith a' co-roinn nan cuimhneachan agus nan sgeulachdan a th' aca fhèin," thuirt i.

A bharrachd air an sgeulachdan, bha iad ri ealain, a' cleachdadh stuthan on choille fhèin gus cridhe seilich a dhèanamh.

"Rinn sinn pròiseact pìleat ann an 2015 leis an NHS, agus b' ann gus toirt orrasan a bh' air dearbhadh fhaighinn tràth gun robh dementia orra tighinn a-mach 's rudan a dhèanamh air a' bhlàr a-muigh a bha e. Gu bunaiteach, dìreach a bhith a-muigh san adhar," thuirt Co-òrdanaiche Foghlaim Coille Bhaile Eòghain, Sìm Harry.

"Chaidh againn air cùmhnantan sònraichte a thoirt a-steach, 's chaidh againn air leithid iasgach slaite a dhèanamh, bha luchd-ealain coimhearsnachd againn a-staigh, bha fighe seilich againn.

"Tha sin a bharrachd air cuid de na rudan falain a bhios sinn a' dèanamh. Bidh sinn a' dèanamh chuairtean mun choille, leithid sin," thuirt e.