Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Mathew Hedges

Thug na h-Eimiritean Aonaichte Arabach am mathanas dhan oileanach à Breatainn, Mathew Hedges, a bha fo bhinn beatha sa phrìosan an sin. Chaidh Mgr Hedges a chur dhan phrìosan fo chasaid gun robh e ri obair-brathaidh - rud a tha e fhathast a' dol às àicheadh. Bha e am measg 600 duine a fhuair mathanas an-diugh air là nàiseanta de throcair anns an UAE.

Brexit

Iarraidh Theresa May air Buill-Phàrlamaid taic a chur ris an aonta aice airson Bhrexit nuair a bhruidhneas i riutha ann an Taigh nan Cumantan an-diugh, agus bidh rabhadh aice dhaibh gum bi iad air ais aig an fhìor thoiseach mura cuir iad taic rithe. Tha am Prìomhaire aig toiseach iomairt fad cola-deug airson taic mus bi bhòt ann air an aonta ann an Taigh nan Cumantan air an ath-mhìos.

An Ugràin

Tha Ministearachd Chèin na Ruis a' fàgail air an Ugràin gur ann a dh'aona-ghnothaich a phiobraich iad tachartas an-dè ann an caolas Kerch, eadar an Ruis agus Crimea. Ghabh feachdan Ruiseannach smachd air trì bàtaichean le cabhlach na h-Ugràin anns an sgìre sin an-dè. Tha an Ugràin ag iarraidh air an Ruis na soithichean agus na seòladairean a shaoradh, agus tha iad a' maoigheadh chasg-bhannan air Mosgo mura tachair sin. Bidh coinneamh èiginn aig na Dùthchannan Aonaichte an-diugh fhathast a dheasbad na cùise.

Inbhir Ghòrdain

Thèid luach £30m de leasachadh a dhèanamh air a' chidhe ann an Inbhir Ghòrdain, ag amas air leudachadh air gnìomhachas a' chumhachd ath-nuadhachail agus turasachd. Thadhail còrr is 100 soitheach le luchd-turais air a' phort sin am-bliadhna. Tha Ùghdarras Port Chromba den bheachd gun cruthaich seo còrr is 140 cosnadh air feadh a' chinn a tuath.

Carl Sergeant

Thòisich rannsachadh mu bhàs Carl Sargeant, a bha na mhinistear ann an Riaghaltas na Cuimrigh. Chaidh corp Mhgr Sargeant fhaighinn na dhachaigh anns an t-Samhain an-uiridh, ceithir là an dèidh do Phrìomh Mhinistear na Cuimrigh a chur às a dhreuchd agus casaidean mì-ghiùlain feiseil na aghaidh.

Iolairean Mara

Tha croitearan san Eilean Sgitheanach agus an Ratharsair ag ràdh gum feumar rudeigin a dhèanamh mu na h-iolairean mara. Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' call uan agus chaorach, agus gu bheil sin a' tachairt gu math nas trice na bha e. Thuirt Comann Dìon an Eunlaith an Alba gun do choinnich iad ris na croitearan aig toiseach na mìos seo, agus gu bheil iad den bheachd gu bheil co-obrachadh ann eadar iad, agus gun deach adhartas a dhèanamh.