COMEDY
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Fiolm èibhinn ga shealltainn

26 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Chaidh fiolm sa Bheurla a thathas a' craoladh sa Ghearmailt gach oidhche Challainn a shealltainn ann am Breatainn airson a' chiad uair aig fèis ann an Ceann Loch Chille Chiarain.

Bha "Dinner for One" air a dhèanamh le companaidh Ghearmailteach, agus an cleasaiche Shasannnach Freddie Frinton a' cluich fear dhe na prìomh charactaran.

Ged a tha muinntir na Gearmailt air fhaicinn gach bliadhna bho 1972, cha robh e ri fhaicinn san dùthaich sa gu ruige seo.

Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.