Bhàsaich boireannach ann an Gleann Èite

Buachaille Èite Beag Image copyright Getty Images
Image caption Thachair an tubaist air Buachaille Èite Beag faisg air Gleann Comhann

Chaill aon bhoireannach a beatha, agus tha tè èile san ospadal às dèidh tubaiste air Buachaille Èite Beag.

Chuireadh fios air Sgioba-teasargainn bheanntan Ghleann Comhainn mu 10:00m. madainn Dhiluain.

Tha e coltach gun deach brath a chur thuca air sgàth agus gu robh draghan ann mu staid boireannaich a chunnacas air a' cheum-choise a tha a' dol bho raon-paircidh na Làirig Eilde a dh' ionnsaigh na beinne.

Rinn buill na sgioba cobhair oirre, le taic heileacoptair nam maor-cladaich.

Fhuair iad corp boireannaich eile, 52 bliadha de dh' aois, faisg air làimh.

Chaidh am boireannach a bha air a ghoirteachadh a thoirt a dh' Ospadal a' Bhelford anns a' Ghearastan far a bheil i a' tighinn air adhart.

Thòisich sgrùdadh feuch dè bu choireach ri mar a dh' èirich dhan dithis bhoireannach.