Dìon air siostam aithrisean aimsire

Stoirm Image copyright Getty Images
Image caption Fon t-siostam a bh' ann, bhiodh cuideigin bho sgioba nam maor-cladaich ann an Steòrnabhagh a' leughadh na h-aimsire 'son iasgairean is seòladairean air a' chosta an iar aig diofar amannan tron là.

Tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich air dìon a chur air siostam ùr a th' aca airson aithrisean aimsire a chraoladh do dh'iasgairean is seòladairean air a' chosta an iar.

Tha cuid air gearan a nochdadh mun t-siostam ùr fo bheil inneal a' leughadh na h-aimsire.

Fon t-siostam a bh' ann, bhiodh cuideigin bho sgioba nam maor-cladaich ann an Steòrnabhagh a' leughadh na h-aimsire 'son iasgairean is seòladairean air a' chosta an iar aig diofar amannan tron là.

Ach tha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich (MCA) air siostam ùr chur air adhart, le inneal a-nis a' leughadh na h-aimsire.

Tha cuid air gearan mar-thà gu bheil an guth seo coltach ri ròbot, is nach eil e furasta a thuigsinn.

Thuirt an MCA gu bheil iad an còmhnaidh a' coimhead airson dòighean gus an t-seirbheis as fheàrr a th' ann a thoirt seachad, leis an teicneòlas às ùire.

Thuirt iad gur e deuchainn a tha san t-siostam ùr a tha seo, is gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air.