Urram do shàr bhana-rothadair

Jenny Ghreumach ann am Berlin Image copyright Thomas Hogben
Image caption 'S i Jenny Ghreumach an tè a bu luaithe a chaidh timcheall an t-saoghail air rothadair.

Thugadh aithne do thè Ghàidhealaich a bu luaithe a chaidh timcheall an t-saoghail air dà chuibhle.

Chaidh Bonn Inbhir Nis a thoirt do Jenny Ghreumach le Pròbhost a' bhaile, Eilidh NicGilleMhìcheil, aig cuirm ann an Talla a' Bhaile Diluain.

Chaidh Jenny, a bhuineas do dh'Inbhir Nis, 18,000 mìle tro 14 dùthaich ann an 125 là air a' bhaidhsagal aice.

Thug i 19 là na bu lugha na an tè mu dheireadh a dh'fheuch air an dùbhlan seo; a' cuairteachadh an t-saoghail air rothair leatha fhèin gun taic sgioba.