Leanaidh ath-stèidheachadh nan iolairean-mara

Iolaire-mhara Image copyright Getty Images
Image caption Tha na h-iolairean-mara air an dìon fon lagh.

Obraichidh SNH còmhla ri croitearan Ratharsair a tha ag ràdh gu bheil iolairean-mara a' falbh le uain bheò.

Bha na h-eileanaich a' gearan gu bheil na h-eòin chreachaidh a' toirt fìor dhroch bhuaidh air an stoc air a' mhonadh.

Bha cuid a' dol cho fada agus a bhith ag iarraidh gun tèid cur às do na h-iolairean a thugadh air ais dhan dùthaich bho chionn 40 bliadhna.

Ach tha Dualchas Nàdair na h-Alba (SNH) ag ràdh nach tachair sin.

Rannsachadh

A rèir tè-labhairt na buidhe, Robyn Ireland, 's e ablaichean fèidh agus caorach cho math ri iasg agus mamalan meadhanach mòr as motha a bhios na h-iolairean-mara ag ithe.

Rinn iad dà rannsachadh air creachadh uan ann am Muile agus Geàrrloch.

"Sheall an rannsachadh seo gum bi na h-iolairean a' falbh le àireamh bheag de dh'uain bheò, ach gun robh a' mhòr-chuid de dh'uain leis an do dh'fhalbh iad nan ablaichean.

"Bhon uairsin tha aithrisean air tighinn gu ar n-aire air ionnsaighean air caoraich," thuirt i.

Thuirt i gun deach taic a thabhann tro Sgeama Stiùiridh nan Iolairean-mara a chaidh a stèidheachadh gus cuideachadh a thoirt do chroitearan agus tuathanaich a bha ann an cunnart uain a chall.

"Chaidh Buidheann Luchd-ùidhe Iolairean-mara an Eilein Sgitheanaich ath-stèidheachadh bho chionn ghoirid le Aonadh Nàiseanta Thuathanach na h-Alba mar dhòigh a chuideachadh le fuasgladh a lorg air buaidh nan iolairean-mara san Eilean Sgitheanach.

"Tha dùil aig a' bhuidhinn seo an ath choinneamh a chumail ann an Ratharsair fhèin," thuirt i.

Thuirt i nach sguir an obair airson na h-iolairean ath-stèidheachadh ann an Alba agus nach gabh ri iarrtas an spadadh.

"Tha na h-eòin air an dìon bho Achd nam Fiadh-bheathachd agus na Dùthcha a tha a' ciallachadh gu bheil e mì-laghail an goirteachadh neo am marbhadh neo cron a dhèanamh air nead neo iseanan," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo