Naidheachdan 11:00
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

27 An t-Samhain 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha Sraid Dhowning a' cumail a-mach nach cuinglich aonta Bhrexit comas Bhreatainn air aontaidhean malairt le dùthchannan eile, agus na Stàitean Aonaichte nam measg. Bha oifis a' Phrìomhaire a' freagairt beachd a' Chinn-Suidhe Trump gur e aonta math a bh' ann dhan Aonadh Eòrpach ach gum faodadh e a bhith doirbh do Bhreatainn aontaidhean malairt ùra a dhèanamh.

Brexit an Alba

Thig rabhadh bho Riaghaltas na h-Alba an-diugh mu bhuaidh aonta Bhrexit Theresa May air Alba. Tha iad a' foillseachadh sgrùdaidh air dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh fàgail an Aonaidh Eòrpaich a thoirt air an eaconomaidh. Togaidh ball nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ceist ann am Pàrlamaid na h-Alba an-diugh mun iasgach ann an aonta Bhrexit. Tha an SNP a' fàgail air Theresa May gun do thrèig i iasgairean na h-Alba. Agus tha Cùirt Cheartais na h-Eòrpa ann an Lucsamburg a' toirt sùil air iarrtas bho bhuidhinn de luchd-poileataigs na h-Alba a tha ag iarraidh stad a chur air Brexit gun chead nan seachd dùthchannan fichead eile a tha san EU.

Matthew Hedges

Tha an t-oileanach à Breatann a bha sa phrìosan anns na h-Emireitean Aonaichte Arabach air tilleadh dhan Rìoghachd Aonaichte an-diugh. Chuir an UAE binn beatha sa phrìosan an t-seachdain seo chaidh air Matthew Hedges fo amharas gun robh e ri obair-bhrathaidh, ach chaidh mathanas a thoirt dha an-dè agus a shaoradh.

Clann an am bochdainn

Chaidh tuilleadh taic iarraidh dha na teaghlaichean as miosa dheth ann an Alba mu choinneimh cosgais a bharrachd a tha a' tighinn orra aig àm saor-làithean nuair nach fhaigh clann biadh an asgaidh nan sgoiltean. Tha sin am measg nam molaidhean ann an athaisg an-diugh bhon Choimisean Neo-eisimeileach airson Bochdainn agus Neo-ionnanachd.

Michelin

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh gun robh còmhradh feumail aige ri ceannardan na companaidh thaidhrichean Michelin a tha a' dùnadh na factoraidh aca ann an Dùn Dè le call còrr 's 800 cosnadh. Choinnich Derek MacAaoidh ri ceannardan Mhichelin Dihaoine seo chaidh ann an Dùn Èideann agus thuirt e gun do bhruidhinn iad air dà mholadh airson na làraich.

Bradan

Thàinig rannsachadh farsaing air tuathanas a' bhradain ann an Alba dhan cho-dhùnadh nach eil feum air casg airson ùine air leudachadh sa ghnìomhachas. Tha dragh ann mun bhuaidh a tha an gnìomhachas a' toirt air iasg fiadhaich agus air grunnd na mara. Ach ged a tha Comataidh na h-Eaconomaidh Dùthchail ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh nach eil adhbhar ann air 'moratorium' tha còrr 's 60 moladh aca dhan ghnìomhachas.