Croitearan a' taisbeanadh plana son tuath-gaoithe

Crann gaoithe

Tha ceithir bailtean croitearachd ann an Leòdhas ag ràdh gum biodh an sgeama gaoithe acasan nas buannachdaile dhan choimhnearsnachd.

Tha Sràid a Tuath Shanndabhaig, Sanndabhaig an Ear is Mol Shanndabhaig, Mealbost is Bràigh na h-Aoidhe agus Aignis a' sireadh cead airson tuath-gaoithe coimhearsnachd sam bi 21 crainn air an talamh ionaltraidh aca fhèin air iomall Steòrnabhaigh.

Tha iad a' sireadh beachd an t-sluaigh air an cuid planaichean a bha rim faicinn Diluain agus Dimàirt ann an Talla-bhaile Steòrnabhaigh.

Tha strì ann eadar na bailtean agus an t-uachdaran, Urras Steòrnabhaigh, a tha ann an co-bhonn leis a'chompanaidh Fhrangach EDF - fon bhratach Lewis Wind Power (LWP) - agus aig a bheil cead dealbhachaidh airson 36 crainn, le 21 dhen sin air na làraich a tha na bailtean ag iarraidh.

Tha Lewis Wind Power ag ràdh gur e an sgeama acasan an aon dòigh càbal ùr fon mhuir fhaighinn a bheireadh dealain bho na h-Eileanan gu margaidhean air tìr mòr.

Thathar a' gealltainn teachd a-steach dhan choimhearsnachd fon sgeama sin, ach tha na croitearan a' cumail a-mach gur ann tron leasachadh acasan a thigeadh a' bhuannachd as motha dhan sgìre air fad.

Bidh Cùirt an Fhearainn a' cnuasachadh iarrtas LWP airson an talamh ionaltraidh a chleachdadh nuair a choinnicheas a' chùirt ann an Steòrnabhagh san Dùbhlachd.

Tha an co-chomhairleachadh air planaichean nan ceithir bailtean a' maireachdain 30 là eile.